Tha Deasg Eòrpa Chruthachail RA

Is e prògram den Aonaidh Eòrpaich a th’ ann an Alba Chruthachail airson taic a chur ris na roinnean cultarach, cruthachail agus lèir-chlaistinneach. Bho 2014-2020, bidh €1.46 billean ri fhaotainn mu choinneamh taic do phròiseactan Eòrpach le comas siubhail, ruighinn air luchd-èisteachd ùr agus roinneadh sgilean is leasachadh a bhrosnachadh. 

Air fhoillseachadh ann an 2014, tha Eòrpa Chruthachail a’ tarraing còmhla fo-phrògram Cultair, a tha a’ solarachadh maoineachaidh do na roinnean cultarach, cruthachail agus dualchais, agus fo-phrògram MHEADHANAN a tha a’ tasgadh ann am film, telebhisean, meadhanan ùra agus geamannan. 

Tha Deasg Eòrpa Chruthachail RA ag adhartachadh Eòrpa Chruthachail tro raon de sheiminearan, bùithtean-obrach, tachartasan gnìomhachais agus goireasan air-loidhne. Tha ar sgioba de eòlaichean a’ brosnachadh bhuidhnean à roinnean cruthachail, cultarach is lèir-chlaistinneach na Rìoghachd Aonaichte gu tagradh airson maoineachaidh Eòrpa Chruthachail. Tha sinn a’ tairgsinn comhairle is taic an-asgaidh leis a’ phròiseas tagraidh a thuilleadh air stiùireadh mu chothroman obrach eadar-nàiseanta. 

Lorgar na h-oifisean againn air feadh na Rìoghachd Aonaichte, ann an Lunnainn, Manchester, Dùn Èideann, Glaschu, Cardiff agus Béal Feirste, mar sin ge ’r bith càite am bi sibh, faodaidh sibh ceangal a dhèanamh leinn.  

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh ann an Gàidhlig, cuiribh fios gu Deasg Eòrpa Chruthachail RA – Alba.